1 Corinthians 11:18 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir, sa chiad àite, nuair a chruinnicheas sibh mar eaglais, tha mi a' cluinntinn gu bheil sgaraidhean nur measg, agus tha mi ga chreidsinn gu ìre.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir air tùs, nuair tha sibh a’ cruinneachadh an ceann a chèile anns an eaglais, tha mi a’ cluinntinn gu bheil roinnean nur measg; agus tha mi an cuid ga chreidsinn.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa chiad dol a mach, an àm dhuibh tional san eaglais, tha mi cluinntinn gum beil eas-aontas ʼnur measg, agus am pairt tha mi ga chreidsinn.