1 Corinthians 11:25 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus anns an aon dòigh cuideachd ghabh e an cupa, às dèidh na suipeire, ag ràdh, “Is e an cupa seo an coicheangal ùr nam fhuil‑sa; dèanaibh‑se seo, cho tric is a dh'òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil‐sa: dèanaibh‐se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Mar an ciadna a chailis, an deigh na suipreach, a g-radh: Si a chailis so an tiomnadh nuadh ann am fhuilse: dianaibh so cho tric ʼsa dhʼ olas sibh mar chuimhneachan ormsa.