1 Corinthians 12:23 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus na buill a tha sinn a' meas as mì‑urramaiche dher corp, tha sinn a' cuartachadh le barrachd urraim, agus iadsan as mì‑eireachdaile dhuinn, is iadsan a tha a' faighinn am barrachd eireachdais,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air na buill sin den chorp as lugha urram nar measg-ne, tha sinn a’ cur an tuilleadh urraim; agus na buill sin dhinn as lugha maise, tha aca sin gu ro‑mhòr an tuilleadh maise.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air na buill sin den chorp as lugha urram nar measg‐ne, tha sinn a’ cur an tuilleadh urraim; agus na buill sin dhinn as lugha maise, tha aca sin gu ro‑mhòr an tuilleadh maise.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus na buill a tha sinn a meas is mi-urramaiche dhe ʼr coluinn, tha sinn a cuairteachadh leis a bharrachd mhor a dhʼ onair; agus iadsan is neo-eireachdaile dhinn, ʼsiad tha faighinn gu mor am barrachd eireachdais.