1 Corinthians 12:3 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin tha mi ag iarraidh gun tuig sibh nach can duine sam bith a tha a' bruidhinn tro Spiorad Dhè, “Tha Ìosa mallaichte,” agus nach urrainn duine sam bith, “Is Ìosa an Tighearna,” a ràdh, ach, tron Spiorad Naomh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Uime sin tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, nach abair duine air bith, a tha labhairt le Spiorad Dhe, Anathema ri Iosa. Agus cha n-urrainn do dhuine an Tighearn Iosa a radh, ach leis an Spiorad Naomh.