1 Corinthians 14:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
No ma bheannaicheas tu leis an spiorad a‑mhàin, ciamar a chanas an neach a tha ann an suidheachadh neo‑fhoghlaimte “Amen” rid thaingealachd, nuair nach aithne dha dè a tha thu ag ràdh?
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith-buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith‐buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air chaochla cor ma bheannaicheas tu leis an spiorad, ciamar their esan a tha an aite nan aineolach: Amen ri dʼ bheannachadh, ʼs nach aithne dha ciod a tha thu g-radh?