1 Corinthians 14:21 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
San lagh tha e sgrìobhte: “Tro dhaoine le teangannan coimheach agus le bilean choigreach bruidhnidh mi ris an t‑sluagh seo, ach a dh'aindeoin sin uile chan èist iad rium,” tha an Tighearna ag ràdh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha e sgrìobhte anns an lagh, Labhraidh mi ris a’ phoball seo ann an teangaidhean eile, agus le bilean eile: gidheadh an dèidh sin uile chan èisd iad rium, tha an Tighearna ag ràdh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha e sgrìobhte anns an lagh, Labhraidh mi ris a’ phoball seo ann an teangaidhean eile, agus le bilean eile: gidheadh an dèidh sin uile chan èisd iad rium, tha an Tighearna ag ràdh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha e sgriobhte san lagh: Ann an teanganan eile, ʼs am bilean eile labhraidh mi ris a phobull so: agus an deigh sin uile cha n-eisd iad rium, os an Tighearna.