1 Corinthians 4:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A‑nis, a bhràithrean, tha mi air na rudan seo fhàgail orm fhèin agus air Apollos airson ur buannachd‑se airson 's gun ionnsaich sibh tromhainne gun a bhith a' dol seachad air na tha sgrìobhte, airson 's nach bi gin agaibh air ur sèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus, a bhràithrean, ghabh mi na nithean seo am ionnsaigh fhèin, agus a dh’ionnsaigh Apollois ann an samhladh, air ur son-se; a‑chum gum fòghlamadh sibh uainne gun bharail a bhith agaibh air daoine os cionn na bheil sgrìobhte, a‑chum nach biodh a h‑aon agaibh air a shèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus, a bhràithrean, ghabh mi na nithean seo am ionnsaigh fhèin, agus a dh’ionnsaigh Apollois ann an samhladh, air ur son‐se; a‑chum gum fòghlamadh sibh uainne gun bharail a bhith agaibh air daoine os cionn na bheil sgrìobhte, a‑chum nach biodh a h‑aon agaibh air a shèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach thionndaidh mi, a bhraithrean, na nichean so gam ionnsuidh fhein agus; Apollo ann an samhla air ur sonsa; gus sibh a dhʼ ionnsachadh bhuainn, gun a h-aon a bhith air a sheideadh suas an aghaidh fir air son fir eile, fos cionn na tha sgriobhte: