1 Corinthians 6:11 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus bha cuid agaibhse mar sin. Ach chaidh ur nighe, chaidh ur naomhachadh, chaidh ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Ìosa Crìosd agus le Spiorad ar Dè‑ne.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS bha cuid dhibhse mar sin: ach tha sibh air ur nighe, ach tha sibh air ur naomhachadh, ach tha sibh air ur dianamh ionraic an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, agus ann an Spiorad ar De-ne.