1 Corinthians 6:12 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Tha a h‑uile sìon laghail dhòmhsa,” ach chan eil a h‑uile sìon buannachdail. “Tha a h‑uile sìon laghail dhòmhsa,” ach cha bhi mi air mo chur fo smachd le nì sam bith.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh; tha na h‑uile nithean ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fo chumhachd nì sam bith.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha na h‑uile nithean ceadaichte dhòmhsa, ach chan eil na h‑uile nithean iomchaidh; tha na h‑uile nithean ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mi fo chumhachd nì sam bith.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha n-eil a h-uile ni iomchuidh. Tha h-uile ni ceadaichte dhomh, ach cha chuirear mise fo chumhachd duine air bith.