1 Corinthians 7:12 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ris a' chòrr tha mise ag ràdh (mise, 's chan e an Tighearna) ma tha bean a tha na h‑ana‑creidmheach aig bràthair sam bith, agus a tha deònach fuireach còmhla ris, cha bu chòir dha dealachadh‑pòsaidh a dhèanamh rithe.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana-creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ris a’ chuid eile tha mise ag ràdh, chan e an Tighearna, Ma bhios aig bràthair sam bith bean ana‐creidmheach, agus gu bheil i toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris, na cuireadh e uaithe i.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach a thaobh chàich, tha mise g-radh, cha n-e an Tighearna. Ma tha aig brathair air bith bean nach eil a creidsinn, ʼs i g-aontachadh tamh maille ris, na cuireadh e air falbh i.