1 Corinthians 7:39 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha boireannach ceangailte ri a fear‑pòsta cho fada 's a tha e beò. Ach ma bhàsaicheas a fear‑pòsta, tha i saor a bhith pòsta ri ge b' e cò a dh'iarras i, ach a‑mhàin san Tighearna.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha a’ bhean ceangailte leis an lagh rè na h‑ùine a tha a fear beò: ach ma gheibh a fear bàs, tha i saor gu pòsadh ri aon neach as toil leatha; a‑mhàin anns an Tighearna.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha boirionnach ceangailte leis an lagh fhad ʼsa tha a fear beo: ach ma gheobh a fear bàs, tha i fuasgailte; posadh i co is aill leatha: ach anns an Tighearna a mhain.