1 Corinthians 8:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ge‑tà, chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile. Ach tha cuid a tha cleachdte ris an iodhal thuige seo, ag ithe biadh mar gun robh e dha‑rìribh air ìobradh do dh'iodhal, agus tha an cogais, a chionn 's gu bheil i lag, air a truailleadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gidheadh chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile dhaoine: oir tha cuid le cogais a‑thaobh an iodhail gus an t‑àm seo, ag ithe a’ bhìdh mar nì a dh’ìobradh do iodhal; agus air dan cogais a bhith anfhann, tha i air a salachadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gidheadh chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile dhaoine: oir tha cuid le cogais a‑thaobh an iodhail gus an t‑àm seo, ag ithe a’ bhìdh mar nì a dh’ìobradh do iodhal; agus air dan cogais a bhith anfhann, tha i air a salachadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach cha n-eil eolas aig a h-uile h-aon. Oir gu so fhein tha cuid le fiosrachadh air an iodhol a g-ithe na chaidh iobradh do iodhol; ʼs tha an cogais, bhon a tha i lag, air a truailleadh.