1 Corinthians 9:12 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ma tha còir aig feadhainn eile air taic uaibh, nach eil barrachd, buileach againne? A dh'aindeoin sin cha do chleachd sinn a' chòir seo, ach tha sinn a' fulang rud sam bith an àite cnap‑starra a chur ro shoisgeul Chrìosd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ma tha muinntir eile nan luchd-compàirt den chumhachd seo thairis oirbh, nach mò as còir dhuinne a bhith? Gidheadh, cha do chuir sinn an cumhachd seo an cleachdadh; ach tha sinn a’ fulang nan uile nithean, a‑chum nach cuireamaid bacadh air soisgeul Chrìosd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ma tha muinntir eile nan luchd‐compàirt den chumhachd seo thairis oirbh, nach mò as còir dhuinne a bhith? Gidheadh, cha do chuir sinn an cumhachd seo an cleachdadh; ach tha sinn a’ fulang nan uile nithean, a‑chum nach cuireamaid bacadh air soisgeul Chrìosd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ma tha feadhainn eile a g-agairt còir air roinn dhe ʼr cuid fhaighinn, nach mor is mua na sin ar còir-ne? Ach cha do chuir sinne an gniomh a chòir so: ach tha sinn a cur suas ris a h-uile ni, air eagal a bheag a dhʼ éis a chur air soisgeul Chriosta.