1 Corinthians 9:15 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach chan eil mi air na còraichean seo a chleachdadh, cha mhotha a tha mi a' sgrìobhadh na rudan seo airson 's gun dèan sibh a leithid seo dhòmhsa. Oir b' fheàrr leam bàsachadh na gum falmhaicheadh neach sam bith mo bhòstadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo-bhrìgh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach cha do ghnàthaich mise a h‑aon dhiubh seo, agus cha do sgrìobh mi na nithean seo, a‑chum gun dèante mar sin dhomh: oir b’fheàrr dhomh am bàs fhaghail, na gun cuireadh neach air bith m’uaill ann an neo‐bhrìgh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach cha do chleachd mise a h-aon dhiu so. Cha mhua sgriobh mi so, los gun dianteadh mar so dhomh: oir is math dhomh am bàs fhaighinn, seach gun cuireadh neach air bith mo ghloir a dhith orm.