1 Corinthians 9:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Dhaibhsan air taobh a‑muigh an lagha thàinig mi gus a bhith mar aon air taobh a‑muigh an lagha (chan ann air taobh a‑muigh lagh Dhè, ach fo lagh Chrìosd) airson 's gum buannaichinn iadsan a tha air taobh a‑muigh an lagha.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Dhaibhsan a tha gun lagh, mar dhuine gun lagh (ged nach eil mi gun lagh do Dhia, ach fo lagh do Chrìosd), a‑chum gun cosnainn iadsan a tha gun lagh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Dhaibhsan a tha gun lagh, mar dhuine gun lagh (ged nach eil mi gun lagh do Dhia, ach fo lagh do Chrìosd), a‑chum gun cosnainn iadsan a tha gun lagh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Dhaibh-san, a tha fo ʼn lagh, bha mi mar gum bithinn fo ʼn lagh (ged nach robh mi fhein fo ʼn lagh), gus an coisninn iadsan a tha fo ʼn lagh; dhaibh-san, a bha gun an lagh, bha mi mar gun an lagh (ged nach robh mi gun lagh Dhe, ach bha mi ann an lagh Chriosta), gus an coisninn iadsan a bha gun an lagh.