1 Corinthians 9:27 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach tha mise a' smachdachadh mo chorp is ga chumail fo smachd gun fhios — às dèidh dhomh searmonachadh do dh'fheadhainn eile — nach bithinn fhèin air mo chur air chùl.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach tha mi a’ trom‐bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach tha mi ciosnachadh mo choluinne, ʼs ga smachdachadh, air eagal, ma dhʼ fhaoidte, an deigh dhomh searmonachadh do chàch, gun tilgear mi fhein air chul.