1 Corinthians 9:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Cò a bhios a' dèanamh seirbheis mar shaighdear air a chosgais fhèin? Cò a bhios a' cur fìon‑lios gun a bhith ag ithe sìon dhen toradh aige? No cò a bhios a' frithealadh treud gun a bhith a' faighinn sìon dhen bhainne aige?
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Cò a thèid a‑chum cogaidh uair air bith air a chosdas fhèin? Cò a shuidhicheas fìonlios, agus nach ith de a thoradh? No cò a bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Cò a thèid a‑chum cogaidh uair air bith air a chosdas fhèin? Cò a shuidhicheas fìonlios, agus nach ith de a thoradh? No cò a bheathaicheas treud, agus nach blais de bhainne an treud?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Co idir a tha ri saighdearachd air a chostus fhein? Co a shuidhicheas fion-lios, ʼs nach ith dhe a mheas? Co a bheathaicheas treud, ʼs nach ith de bhainne na treuda?