1 Peter 1:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
airson 's gun tèid deuchainn ur creideimh — a tha tòrr mòr nas prìseile na òr a rachas a dhìth — a dhearbhadh fìor tro theine, 's air fhaighinn gu moladh is glòir is onair, aig foillseachadh Ìosa Crìosd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Gus am faighear dearbhadh ur creidimh nas priseile gu mor na òr (a tha airʼa dhearbhadh le teine) gu moladh, ʼs gu onair, ʼs gu gloir aig taisbeanadh Iosa Criosta;