1 Peter 2:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir tha seo ri mholadh, gun giùlain neach sam bith pian, air sgàth cogais a thaobh Dhè, nuair a tha e a' fulang gu mì‑chothromach.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir tha seo cliù-thoillteannach, ma dh’iomchaireas neach sam bith doilgheas airson cogais a‑thaobh Dhè, a’ fulang gu h‑eucorach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir tha seo cliù‐thoillteannach, ma dh’iomchaireas neach sam bith doilgheas airson cogais a‑thaobh Dhè, a’ fulang gu h‑eucorach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ʼs fhiach so taing, ma chuireas neach air son cogais as leth Dhe suas ri anshocair, a fulang neo-chiontach.