1 Peter 2:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir 's ann chun a seo a bha sibh air ur gairm, a chionn 's gun do dh'fhulaing Crìosd cuideachd air ar son‑se, a' fàgail eisimpleir agaibh airson 's gun leanadh sibh na cheumannan‑san:
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir is ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh: do bhrìgh gun d’fhuiling Crìosd mar an ceudna air ur son, a’ fàgail eisimpleir agaibh, a‑chum gun leanadh sibh a cheuman:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ʼsann gu so a chaidh ur gairm: a chionn gun dʼ fhuilig Criosta air ar son, a fagail samhla agaibh, gus sibh a cheuman a leanail: