1 Peter 3:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
ach dèanaibh seo le caomhalachd is eagal, le deagh chogais, gus am bi iadsan a chàineas ur deagh chaitheamh‑beatha ann an Crìosd air an nàrachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh‐beatha ann an Crìosd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach le stuamachd ʼs le fiamh, le deagh chogais a bhith agaibh: air chor ʼs, an aite dhaibh a bhith labhairt oirbh air olc, gun gabh iadsan nàire, a tha diteadh gu briagach ur deagh chomhraidh ann an Criosta.