1 Peter 3:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
dhaibhsan a bha eas‑umhail, air an robh Dia aig an àm sin a' feitheamh le fad‑fhulangas ann an làithean Nòah, fhad 's a bha an àirc ga togail, anns an robh beagan, eadhon ochd anaman, air an sàbhaladh tro uisge.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A bha o shean eas-umhail, nuair a dh’fheith fad-fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A bha o shean eas‐umhail, nuair a dh’fheith fad‐fhulangas Dhè aon uair ann an làithean Nòah, am feadh a bha àirc ga h‑ullachadh, anns an robh beagan, sin ri ràdh, ochd anaman, air an tèarnadh tre uisge.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A bha air uair mi-chreideach, nuair bha iad a feitheamh ri faighidin Dhe an laithean Noé, nuair bha an àirc ga dianamh; anns an robh beagan, se sin, ochd anmannan air an tiarnadh tromh uisge.