1 Peter 4:6 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir b' ann airson an adhbhair seo gu dearbh a chaidh an soisgeul a shearmonachadh dha na mairbh, airson 's, ged a dheigheadh breith a thoirt orra mar dhaoine san fheòil, gum biodh iad beò a rèir Dhè san spiorad.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir sann air son so fhein a chaidh an soisgeul a shearmonachadh do na mairbh; gu breth a thoirt orra gu dearbh a reir dhaoine san fheoil, ach a bhith beo a reir Dhe san Spiorad.