1 Thessalonians 3:13 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
gus an stèidhich e ur cridheachan gun choire ann an naomhachd mu choinneamh Dhè agus ar n‑Athar, aig tighinn ar Tighearna Ìosa, leis na naoimh aige gu lèir. Amen.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo‐choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar‐ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Gus ur cridheachan a neartachadh gun ghiomh ann an naomhachd, an lathair Dhe agus ar n-Athar, aig tighinn ar Tighearna Iosa Criosta maille ri ʼnaoimh uile. Amen.