1 Timothy 4:6 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Le bhith a' cur na rudan seo mu choinneamh nam bràithrean bidh thu nad dheagh sheirbheiseach do dh'Ìosa Crìosd, air do bheathachadh le faclan a' chreideimh agus leis an deagh theagasg a tha thu air a leantainn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ma chuireas tu na nithean seo an cuimhne do na bràithrean, bidh tu ad dheagh mhinistear do Iosa Crìosd, air d’altram suas ann am briathran a’ chreidimh, agus an deagh theagaisg, air an do ghabh thu eòlas:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ma chuireas tu na nithean seo an cuimhne do na bràithrean, bidh tu ad dheagh mhinistear do Iosa Crìosd, air d’altram suas ann am briathran a’ chreidimh, agus an deagh theagaisg, air an do ghabh thu eòlas:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Le cur nan nichean so air shuilean do na braithrean, bithidh tu ad dheagh fhear-muinntir Iosa Criosta, air tʼ àrach le briathran a chreidimh, ʼs leis an deagh theagasg a bhuannaich thu.