1 Timothy 5:10 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoigheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd‐àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us teisteanas deagh oibrichean aice, ma thog i a clann gu math, ma ghnathaich i aoidheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma fhreasdail i orrasan a tha fo thrioblaid, ma rinn i a h-uile deagh obair le dichioll.