1 Timothy 5:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha mi a' toirt fianais shòlaimte mu choinneamh Dhè agus mu choinneamh Chrìosd Ìosa agus mu choinneamh nan ainglean taghte, gun glèidh thu na rudan seo, gun chlaon‑bhreith, gun sìon a dhèanamh a rèir leth‑bhreith.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon-bhreith.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon‐bhreith.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha mi guidhe ort an lathair Dhe, us Iosa Criosta, ʼs nan ainglean taghte, gun cum thu na nichean so gun eisimeil, gun ni dhianamh le claonadh a null no nall.