1 Timothy 5:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach ma tha banntraichean sam bith ann aig a bheil clann no oghaichean, ionnsaicheadh iad an toiseach diadhaidheachd a shealltainn dhan taigh fhèin agus ath‑phàigheadh a dhèanamh do phàrantan; oir tha seo taitneach ann an sealladh Dhè.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath-dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath‐dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach ma tha clann no oghachan aig bantraich air bith, ionnsuicheadh i an toiseach a tigh fhein a riaghladh, agus a dleasnas a dhianamh ri ʼparantan: oir tha so taitneach an lathair Dhe.