1 Timothy 6:13 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha mi a' cur ìmpidh ort mu choinneamh Dhè, a tha a' toirt beatha dha na h‑uile, agus Crìosd Ìosa a thug fianais mu choinneamh Phontius Pìlat an deagh aideachadh,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait,
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, a bheothaicheas na h‑uile nithean, agus ann am fianais Iosa Crìosd, a rinn fianais air deagh aidmheil an làthair Phontiuis Philait,
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha mi cur mu dʼ choinneamh an lathair Dhe, a tha beothachadh a h-uile ni, ʼs an lathair Iosa Criosta, a thug teisteanas fo Phontius Pilat, deagh aideachadh,