2 Chronicles 31:1 — Compare Translations
2 translations compared side by side
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.