2 Corinthians 1:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
B' e sin a dhol ur taobh‑se a‑steach do Mhacedònia, is tighinn thugaibh o Mhacedònia a‑rithist agus a bhith air mo chuideachadh leibhse air mo thuras gu Iudèa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh‐se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa gabhail ur rathaid-sa do Mhacedonia; us tighinn a rithist bho Mhacedonia gu ʼr n-ionnsuidh, gun dian sibh iul dhomh na mʼ thurus do Iudéa.