2 Corinthians 1:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir chan eil sinn ag iarraidh gum bi sibh aineolach, a bhràithrean, mun àmhghair a thachair dhuinn ann an Àisia; oir bha sinn fo eallach ro‑mhòr, thar ar neirt, eadhon gus dòchas a chall mu ar beatha.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir cha mhath leinn, a bhraithrean, sibh a bhith aineolach air an trioblaid a thainig oirnn an Asia, gun robh sinn air ar sarachadh thar tomhas agus fos cionn ar neart, ann an rathad ʼs gun robh sinn sgith dhe ʼr beatha.