2 Corinthians 11:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mo nàire, feumaidh mi a ràdh gu bheil sinne cuideachd air a bhith lag. Ach, ge b' e dè an seagh sa bheil neach sam bith eile dàna — tha mi a' bruidhinn gu h‑amaideach — tha mise a cheart cho dàna cuideachd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas-urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha mi a’ labhairt a‑thaobh eas‐urraim, mar gum bitheamaid anfhann: ach, ge bè nì anns a bheil neach air bith dàn (tha mi a’ labhairt gu h‑amaideach), tha mise dàn ann mar an ceudna.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha mi labhairt a reir as-onair, mar gum bithemid lag sa chàs so. Far a bheil aon sa bith dana (tha mi labhairt gu h-amaideach) tha mise dana cuideachd: