2 Corinthians 11:6 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach fiù 's ma tha mi mì‑sgileil ann an cainnt, a dh'aindeoin sin chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach, sa h‑uile dòigh tha sinn air a h‑uile sìon a dhèanamh follaiseach dhuibhse.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ged tha mi neo-fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn-fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg-se.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ged tha mi neo‐fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn‐fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg‐se.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir ged a tha mi mi-dheiseil ann an cainnt, cha n-eil mi sin ann an eolas: ach anns a h-uile ni rinneadh sinn follaiseach dhuibhse.