2 Corinthians 11:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Is nuair a bha mi an làthair còmhla ribh 's ann an dìth, cha robh mi nam eallach do neach sam bith; oir sholair na bràithrean a thàinig o Mhacedònia mo dhìth, agus sa h‑uile sìon chùm mise mi fhèin on a bhith nam eallach dhuibh, agus leanaidh mi orm.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a bha mi an làthair maille ribh agus uireasbhaidh orm, cha do leig mi mo throm air duine sam bith: oir leasaich na bràithrean a thàinig o Mhacedònia m’uireasbhaidh: agus anns na h‑uile nithean choimhead mi mi fhèin om throm a leigeil oirbhse; agus coimheadaidh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bha mi ʼnur measgsa, ʼs mi an uireasuidh, cha robh mi na mʼ eallach air duine: oir rinn na braithrean, a thainig bho Mhacedonia suas na bha a dhith orm, us anns gach ni ghleidh mi mi fhein bho bhith na mʼ chudthrom oirbh, agus gleidhidh.