2 Corinthians 12:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fad na h‑ùine seo tha sibh air a bhith a' smaoineachadh gu bheil sinne gar dìon fhèin ribh. Ann am fianais Dhè tha sinn air a bhith a' bruidhinn ann an Crìosd; agus seo uile airson ur togail suas, a luchd‑gràidh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim-se.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim‐se.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Roimh so, am beil sibh saoilsinn gum beil sinn a gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a labhairt an lathair Dhe ann an Criosta: ach, a mhuinntir mo ghraidh, an t-iomlan gu leas duibhse.