2 Corinthians 12:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir tha eagal orm gur dòcha, nuair a thig mi, gum faodainn ur faighinn chan ann mar as miann leam, agus gum faigh sibhse mise chan ann mar as miann leibhse; gur dòcha gum bi còmhstri, farmad, fearg, fèinealachd, càineadh, gobaireachd, pròis, agus mì‑rian ann.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl‐chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir tha eagal orm, nuair thig mi nach fhaigh mi sibh theagamh mar bu mhath leam; ʼs gum faighear mi leibhse, mar nach bu mhath leibh: eagal ma dhʼ fhaoidte consachadh, farmad, gamhlas, aimhreit, culchainnt, cogarsaich, prois, upraidean a bhith ʼnur measg: