2 Corinthians 7:11 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir seallaibh an dearbh rud seo — am bròn diadhaidh — an dùrachd a bhuilich e annaibh; dè an dùrachd gus a bhith gur dìon fhèin, dè an diomb, dè an t‑eagal, dè am miann, dè an t‑eud, dè an dìoghaltas airson na bha ceàrr? Sa h‑uile sìon dhearbh sibh sib' fhèin a bhith neoichiontach sa chùis.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian‐thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir, seall, a cheart ni so a rinn muladach sibh a reir Dhe, nach mor an curam tha e g-oibreachadh unnaibh, seadh agus dion, agus doimheadas, agus fiamh, agus déidh, agus eud, agus aicheamhail: anns a h-uile ni dhʼ fhiach sibh sibh fhein neo-thruaillidh sa chuis.