2 Corinthians 7:5 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Oir fiù 's nuair a thàinig sinn a Mhacedònia cha d' fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh — air an taobh a‑muigh, sabaidean, air an taobh a‑staigh, eagalan.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir nuair thainig sinn gu Macedonia, cha robh fois aig ar feoil, ach dhʼ fhuilig sinn a h-uile trioblaid: cath air an leth-a-mach, eagal air an leth-a-stigh.