2 Corinthians 8:19 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus chan e seo a‑mhàin, ach chaidh a shuidheachadh leis na h‑eaglaisean cuideachd airson siubhal còmhla rinne san obair ghràsmhoir seo, a tha ga cur an gnìomh leinn airson glòir an Tighearna fhèin, agus airson sealltainn cho deiseil 's a tha sinn,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
(Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach-turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh-se.)
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
(Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach‐turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh‐se.)
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us cha so uile, ach dhʼ orduicheadh e leis na h-eaglaisean ʼna chompanach ar turuis air son a mhathais so, a tha air a riarachadh leinne gu gloir an Tighearna, ʼs gus ar beachd suidhichte-ne: