2 Corinthians 9:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A‑nis, esan a bheir sìol dhan fhear‑cuir agus aran airson ithe, solaraichidh is nì e lìonmhor ur sìol agus meudaichidh e toradh ur fìreantachd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A‑nis an tì a bheir sìol don fhear-chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd-se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A‑nis an tì a bheir sìol don fhear‐chuir, agus aran a‑chum bìdh, gun tugadh e agus gum meudaicheadh e ur curachd‐se, agus gun tugadh e do thoradh ur fìreantachd fàs.)
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us esan a tha buileachadh an t-sìl air an fhear-chuir, bheir e cuideachd aran gus ithe, agus leasaichidh e ur siol, agus miadaichidh e fàs us toradh ur ceartais: