2 Kings 18:17 — Compare Translations

2 translations compared side by side

Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab-saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth-chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus chuir rìgh Asiria Tartan, agus Rabsaris, agus Rab‐saceh, o Lachis gu rìgh Heseciah le sluagh mòr an aghaidh Ierusaleim: agus air teachd a‑nìos dhaibh, thàinig iad agus sheas iad aig sruth‐chlais na linne as àirde, a tha air slighe achadh an luadhadair.