2 Peter 2:6 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus nuair a rinn e bailtean Shodoim is Ghomorrah nan luaithre, gan dìteadh le sgrios, rinn e eisimpleir dhaibhsan a bha gu bhith ain‑diadhaidh;
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball‐sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa tionndadh gu luaithre bailtean nan Sodomach ʼs nan Gomorrach, dhit e iad gu sgrios: a dianamh ball-sampuill dhiu dhaibh-san, a dhianadh gu h-olc bho sin sios;