2 Peter 3:15 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus tha foighidinn ar Tighearna a' treòrachadh gu slàinte; dìreach mar a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl cuideachd thugaibh a rèir a' ghliocais a chaidh a thoirt dhàsan,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus measaibh gur slàinte fad-fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus measaibh gur slàinte fad‐fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus measaibh ʼna shabhaladh fad-fhulangas ar Slanair: mar a sgriobh ar brathair ro ghradhach, Pol fhein, gu ʼr n-ionnsuidh a reir a ghliocais a thugadh dha,