2 Peter 3:16 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
mar a tha e cuideachd a' sgrìobhadh anns na litrichean aige gu lèir, a' bruidhinn mu na rudan seo, anns a bheil cuid de rudan a tha duilich an tuigsinn, rudan a tha iadsan a tha aineolach agus neo‑shuidhichte a' fiaradh, mar a tha iad leis a' chòrr dhe na Sgriobtairean, gu an sgrios fhèin.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo-fhòghlaimte, agus neo-sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo‐fhòghlaimte, agus neo‐sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Mar a chithear ʼna litrichean uile, ʼs e labhairt unnta air na nichean so, anns a bheil cuid de nichean duilich ri ʼn tuigsinn, a tha daoine neo-fhaghluimte us neo-steidheil a fiaradh, mar na sgriobtuirean eile, gus an leir-sgrios fhein.