2 Peter 3:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chan eil an Tighearna slaodach a thaobh a gheallaidh, mar a mheasas cuid slaodachd, ach tha e fad‑fhulangach leinn, gun mhiannachadh gun deigheadh neach sam bith a sgrios, ach gun tigeadh a h‑uile neach gu aithreachas.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad-fhulangach dar taobh-ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Chan eil an Tighearna mall a‑thaobh a gheallaidh (mar a mheasas dream àraidh moille), ach tha e fad‐fhulangach dar taobh‐ne, gun toil aige dream sam bith a bhith caillte, ach na h‑uile dhaoine a theachd gu aithreachas.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Cha n-eil an Tighearna a cur dàil ʼna ghealladh, mar a tha cuid an dùil, ach tha e cur suas gu faighidneach ribh, gun toil aige neach air bith a bhith caillte, ach gun tilleadh a h-uile h-aon gu aithreachas.