2 Thessalonians 1:10 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
nuair a thig e airson a bhith air a ghlòrachadh sna naoimh aige fhèin agus airson 's gun gabh iadsan uile a chreid ann iongnadh annsan san latha sin, air sgàth 's gun deach ar teisteanas dhuibhse a chreidsinn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais-ne nur measg-se).
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais‐ne nur measg‐se).
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Nuair thig e gu bhith air a ghlorachadh ʼna naoimh, ʼsa bhith ʼna aobhar ioghnaidh unntasan uile a chreid, a chionn gun deach ar teisteanas-ne a chreidsinn leibhse mu ʼn latha ud.