2 Thessalonians 3:8 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Cha mhotha a ghabh sinn mar thiodhlac o dhuine sam bith an t‑aran a dh'ith sinn, ach ann an saothair agus cruadal, a dh'oidhche 's a latha, bha sinn ag obair gus nach biodh sinn nar n‑uallach do dhuine agaibh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Cha mhò a dh’ith sinn aran duine sam bith an asgaidh; ach le saothair agus anshocair, a dh’oidhche agus a là ri obair, a‑chum nach cuireamaid ar trom air aon agaibh:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Cha mhua dhʼ ith sinn aran duine air bith a nasgaidh, ach le obair ʼs le sgios chuir sinn ri saothair, a dhʼ oidhche ʼsa latha, eagal costus a chur air duine agaibh.