2 Timothy 1:3 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha mi a' toirt taing do Dhia, dham bheil mi a' dèanamh seirbheis, mar a rinn mo shinnsirean, ann an cogais ghlan, gu bheil cuimhne agam ortsa gun sgur nam ùrnaighean, a dh'oidhche 's a latha,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha mi a’ toirt buidheachais do Dhia, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis om shinnsirean le cogais ghlain, gu bheil agam cuimhne ortsa a‑ghnàth a là agus a dh’oidhche ann am ùrnaighean;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha mi toirt taing do Dhia, dha ʼm beil mi ri seirbhis bho mʼ aithrichean le cogais ghlain, gum beil mi gun lasachadh, a dhʼ oidhche ʼsa latha, a toirt cuimhne ort na mʼ urnaighean: