2 Timothy 2:21 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin ma ghlanas duine sam bith e fhèin o na rudan seo, bidh e na shoitheach airson urraim, air a naomhachadh, feumail dhan Mhaighstir, airson a h‑uile deagh obair a th' air ullachadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ma ghlanas ma ta fear e fhein bho na nichean so, bithidh e ʼna shaghach naomhaichte gu urram, agus tarbhach do ʼn Tighearna, deas air son gach deagh ghniomh.